Bun-sgoil Ghàidhlig do Phort Rìgh

Fiosrachadh air a’ cho-chomhairle

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an sàs ann an co-chomhairle air bun-sgoil Ghàidhlig do Phort Rìgh. Thig a’ cho-chomhairle gu crìoch air 10 An Dàmhair agus bheir i cothrom dhan a h-uile duine am beachdan a thoirt seachad air a bhith a’ cruthachadh sgoil Ghàidhlig anns a’ bhaile.

Luchdaich a-nuas PDF co-chomhairle

Luchdaich a-nuas litir General Support

Luchdaich a-nuas litir GM Parent

Luchdaich a-nuas litir No Children

Luchdaich a-nuas litir Non GM Parent

Luchdaich a-nuas litir Resident

Luchdaich a-nuas litir Support

Bheir a’ cho-chomhairle cothrom do phàrantan roghainn a dhèanamh eadar na tha ann mar-thà ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Phort Rìgh, no a bhith a’ cruthachadh sgoil Ghàidhlig shònraichte tro bhith a’ leasachadh togalaich stèidhichte no a bhith a’ togail sgoile gu tur ùr.

Tron a’ cho-chomhairle air fad, bidh cothrom aig pàrantan taic a thoirt do sgoil Ghàidhlig fa-leth.

Dè an diofar a nì Sgoil Ghàidhlig?

Ann an sgoil Ghàidhlig fa-leth, ’s i a’ Ghàidhlig prìomh chànan na sgoile agus cànan eadar-obrachaidh luchd obrach agus sgoilearan. Tha rannsachadh cànain a’ dearbhadh gur e fìor bhogadh anns a’ chànan an dòigh as èifeachdaiche airson dara cànan ionnsachadh agus a theagasg. ’S e am modh bogaidh a tha seo a tha air a chleachdadh an-dràsta ann an clasaichean Gàidhlig. Ann an sgoil Ghàidhlig tha seo air a leudachadh air feadh na sgoile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil tuilleadh chothroman aig a’ chloinn Gàidhlig a chleachdadh bhon ’s i an cànan cleachdaidh air feadh an latha.

Luchdaich a-nuas PDF den a’ mholadh

MacmeanmnaPelican Design Consultants

Website by Pelican Design Consultants