Cò sinn? Dè tha sinn a’ dèanamh?

’S e Comann nam Pàrant (Port Rìgh) buidheann de phàrantan ionadail le cloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, no a thèid gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Mar bhuidheann, ’s e ar prìomh amas a bhith a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, eadar sgoil-àraich agus àrd-sgoil.

’S e buidheann nàiseanta a tha ann an Comann nam Pàrant agus tha barrachd is 30 buidhnean ionadail air feadh Alba a tha an sàs ann a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taic do stèidheachadh agus glèidheadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Ma tha ùidh agad ann a bhith an sàs ann an Comann nam Pàrant no ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth, cuir fios thugainn.

MacmeanmnaPelican Design Consultants

Website by Pelican Design Consultants