Ceistean is Freagairtean

Comann nam Pàrant (Port Rìgh)

Mar a tha a’ Ghàidhlig a’ dol bho neart gu neart ann an Alba, gu h-àraid le inbhe thèarainteachd dearbhte ann an lagh airson a’ chiad uair fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, leudachaidh na cothroman a tha ri ’m faighinn ann an Gàidhlig. Tha seo gu h-àraid fìor ann am foghlam, gnìomhachas, na meadhanan agus na h-ealain far am bi luchd-fastaidh an dùil ri ìre àrd a thaobh fileantachd anns a’ chànan. Mar a tha tighinn am follais anns na sgoiltean Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh ann an Inbhir Nis agus Glaschu, tha cothrom aig sgoil Ghàidhlig seo a lìbhrigeadh.

Tha Comataidh Foghlaim, Cultar agus Spòrs Comhairle na Gàidhealtachd air co-chomhairle a thòiseachadh air sgoil Ghàidhlig do Phort Rìgh a bhios a’ toirt cothroim dhan a h-uile duine am beachdan a thoirt seachad mu bhith a’ cruthachadh a leithid de sgoil. Tha Comann nam Pàrant (Port Rìgh) a tha a’ toirt taic do sgoil Ghàidhlig airson cothrom a ghabhail cuid de na ceistean a chaidh fhaighneachd mar-thà mu sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh a fhreagairt.

Carson am bu chòir sgoil Ghàidhlig a bhith againn ann am Port Rìgh?

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an sàs am bliadhna ann an co-chomhairle mu sgoil Ghàidhlig do na coimhearsnachdan a tha air am frithealadh le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Phort Rìgh. Thèid foghlam tro mheadhan na Beurla air adhart mar a tha e. Tha Comann nam Pàrant (Port Rìgh) gu làidir den bheachd gum bi sgoil Ghàidhlig a’ frithealadh àireamh chudromach de theaghlaichean anns an sgìre ud, ag aithneachadh dleastanasan Comhairle na Gàidhealtachd anns a’ chùis. Cha bu chòir seo a bhith ag adhbhrachadh atharrachaidhean sam bith do roinnean tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean eile air an Eilean.

Am bi sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh ag adhbhrachadh anacothroman sam bith?

Cha bhi. Bidh Bun-sgoil Phort Rìgh fhathast a’ toirt seachad foghlaim tro mheadhan na Beurla. Tha seo eadar-dhealaichte bhon cho-chomhairle ann an Slèite ann an 2006 , mar eisimpleir, far am biodh sgoil Ghàidhlig a-mhàin a’ ciallachadh gum biodh astar fada aig cuid de sgoilearan tro mheadhan na Beurla ri shiubhal gu Bun-sgoil an Ath Leathainn. Ann am Port Rìgh, bhiodh barrachd roghainn aig pàrantan agus cha bhiodh astaran na b’ fhaide aig sgoilearan ri shiubhal gach latha.

A bheil sgoil Ghàidhlig a’ ciallachadh gum biodh clann air am bogadh ann an Gàidhlig fad am bliadhnaichean sgoile?

Chan eil. Chan eil Alba air gabhail ri siostam bogaidh ann an Gàidhlig agus mar sin tha Beurla cuideachd air a teagasg mar chuspair. Tha sgoil Ghàidhlig a’ dèanamh feum tro bhith a’ toirt cothroim ìre nas àirde de dh’fhileantachd a ruighinn agus a bhith a’ toirt misneachd agus fileantachd do sgoilearan tro dhiofar chothroman ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain.

Am bi a’ frithealadh sgoil Ghàidhlig a’ ciallachadh nach bi comas aig a’ chloinn ann am Beurla, no nach fhaigh a’ chlann leasanan Beurla?

Cha bhi. Mar a chaidh a mhìneachadh cheana, gheibh clann leasanan ann am Beurla a bharrachd air Gàidhlig. Chaidh a dhearbhadh mar tha ann an rannsachadh cànain nach eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (no foghlam tro mhion-chànan sam bith) a’ dèanamh maill air an cuid adhartais ann am Beurla, (no prìomh-chànan sam bith ann an suidheachadh far a bheil mion-chànan eile) leis cho cumhachdach agus cho cumanta sa tha Beurla nar beatha làitheil. Gu dearbh, tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil clann a tha dà-chànanach a’ dèanamh nas fheàrr anns an sgoil.

Ciamar a gheibh clann agus pàrantan aig nach eil Gàidhlig taic bho sgoil Ghàidhlig?

Thathar an dòchas gun tèid aonad a leasachadh an co-bhonn ris an sgoil fhèin a bhios na dhachaigh do na cur-seachadan Gàidhlig air fad ann an sgìre Phort Rìgh. Bhiodh seo cuideachd a’ lìbhrigeadh chlasaichean Gàidhlig do phàrantan ann an àrainneachd bhàidheil a bheireadh seachad deagh chothroman eadar-obrachadh sòisealta anns a’ chànan, gu h-àraid do luchd-ionnsachaidh. Bhiodh an sgoil mar phàirt den choimhearsnachd agus bhiodh i deònach obrachadh le buidhnean agus daoine fa-leth airson an cànan agus an cultar a bhrosnachadh.

Cò às a thig maoineachadh airson sgoil Ghàidhlig?

Tha Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh a chur dhan dara taobh airson pròiseactan calpa Gàidhlig gu nàiseanta. Faodaidh Comhairle na Gàidhealtachd tagradh a chur a-staigh airson taic-airgid a chuidicheas le cosgaisean togail do sgoil Ghàidhlig.

Am biodh sgoil Ghàidhlig air a ruith le Roinn na Gàidhealtachd?

Bhiodh. Bhithear an dùil gum biodh foghlam den aon inbhe a tha ri fhaotainn ann an sgoil sam bith anns an roinn air a thoirt seachad ann an sgoil Ghàidhlig air a ruith leis an Roinn. Bhiodh sgoil Ghàidhlig fon aon phrosbaig a thaobh sgrùdaidh agus dearbhadh càileachd ri sgoil sam bith eile.

Carson nach eil solarachadh san àrd-sgoil mar phàirt den cho-chomhairle?

Tha Comann nam Pàrant (Port Rìgh) a’ faicinn àrd-sgoil Ghàidhlig mar amas fad-ùine agus bu mhath leinn Sàr-aonad Gàidhlig a leasachadh ann am Port Rìgh gus solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a neartachadh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Bhiodh ùine ann an uair sin leasachadh a dhèanamh a thaobh luchd-teagaisg agus ghoireasan a bheireadh taic do dh’àrd-sgoil Ghàidhlig anns an àm ri teachd.

Ciamar a tha pàrantan an sàs anns a’ cho-chomhairle le Roinn na Gàidhealtachd mu sgoil Ghàidhlig?

Tha a’ cho-chomhairle air tòiseachadh. Chaidh pàipear le Laurence Young, Àrd-oifigear foghlaim san sgìre, aontachadh le Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs air 7 An Lùnastal 2008. Na phàipear, thuirt e gum biodh am pàipear slàn ri fhaotainn do gach pàrant air a bheil seo a’ toirt buaidh, is pàrantan sgoilearan fo-aois sgoile nam measg. Thèid coinneamh phoblach a chumail ann am Port Rìgh 24 An t-Sultain far am bi fàilte ron a h-uile duine. Cuiridh a’ Chomhairle cuideachd fàilte air tagraidhean sgrìobhte gu Oifis an Fhoghlaim, Ostail Eilginn, Port Rìgh, An t-Eilean Sgìtheanach.

Ciamar a nì sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh ceanglaichean le buidhnean eile anns a’ choimhearsnachd?

Coltach ri gach sgoil eile, obrachaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh le gach buidheann anns a’ choimhearsnachd.

Tha Comann nam Pàrant (Port Rìgh) den bheachd gur e sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh an ath cheum ciallach ann an leasachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, a’ toirt chothroman nas fheàrr do sgoilearan a thaobh fileantachd ann an Gàidhlig ann an tuilleadh shuidheachaidhean.

Chaidh Comann nam Pàrant (Port Rìgh) a stèidheachadh an dèidh coinneimh a rannsaich taic airson sgoil Ghàidhlig am-measg phàrantan le cloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bha gu leòr de thaic ann agus chaidh coinneamh phoblach a chumail gus buidheann pàrant a stèidheachadh. Tha Comann nam Pàrant (Port Rìgh) an dòchas fiosrachadh feumail a dheasachadh a bheireadh taic do phàrantan co-dhùnaidhean ciallach a dhèanamh mu sgoil Ghàidhlig agus na buannachdan a bhiodh na lùib.

MacmeanmnaPelican Design Consultants

Website by Pelican Design Consultants